Copyright 2024 Simon Armitage.

Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd – A’ cleachdadh Crowdcast

Tha tachartasan Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd saor ’s an-asgaidh ach feumaidh tu clàradh / àite a chur an dara taobh air Crowdcast mus urrainn dhut sealltainn.

Mar a thathar a’ clàradh / a’ cur àite an dara taobh

  1.  Lorg an tachartas air a bheil thu ag iarraidh frithealadh air duilleag-lìn an Turais no seanail Crowdcast an Turais
  2. Fosgail duilleag-bhucaidh an tachartais air Crowdcast, an uair sin briog air a’ phutan air a bheil coltas uaine. 
  3. Lìon a-steach sgàilean geàrr You’re almost in!
  4. Thèid post-dealain a chur gus dearbhadh. Thoir sùil air pasgan an sgudail agad mas e ’s nach fhaigh thu e. 
  5. An dèidh dhut clàradh, faodaidh tu dol air ais gu duilleag-lìn an tachartais aig àm sam bith. Cuir feum air a’ cheangal gus bucadh air duilleag-lìn an Turais no lorg an tachartas air seanail Crowdcast an Turais
  6. Thathar a’ cur nad chuimhne ron tachartas. 

Tha Crowdcast ag ràdh: “ma bhios tu a’ frithealadh air tachartas air Crowdcast, faodaidh tu tighinn a-steach bho inneal-làimhe no bho choimpiutair sam bith. Faodaidh luchd-cleachdaidh Android tighinn a-steach gu tachartasan gu dìreach bho bhrabhsair – chan eil luchdachadh a-nuas sam bith a dhìth! Faodaidh an fheadhainn aig a bheil inneal iOS leithid iPad no iPhone frithealadh air tachartasan bho bhrabhsair no bho app Crowdcast

Am brabhsair as fheàrr?

Tha Crowdcast a’ moladh gun cleachd thu “na brabhsairean as ùire, Chrome (as fheàrr), Firefox, Microsoft Edge, agus Android nam measg. Chan eil sinn a’ moladh Safari, agus cha bhi e comasach dhut Internet Explorer a chleachdadh.

Dèan cinnteach gu bheil am brabhsair agad ris an uair. Faodaidh brabhsair nach eil ris an uair duilgheadasan adhbharachadh seach gu bheil sinn stèidhichte air brabhsairean. Ma bhios tu a’ cleachdadh Chrome, faodaidh tu dearbhadh gu bheil ùrachadh ann le bhith a’ briogadh nan trì dotagan inghearach aig an oisean dheis aig bàrr uinneag a’ bhrabhsair. À sin, rach gu Help > About Google Chrome.”

Stiùireadh mu dhuilgheadasan

Molaidhean bho luchd-cleachdaidh:

  • ma bhios tu a’ cleachdadh deasg, laptop no tablaid, feuch ri cothrom fhaighinn air Crowdcast tron bhrabhsair agad, seach a bhith ag luchdachadh a-nuas an app.
  • ma thu a’ sealltainn tron fhòn agad, cleachd app Crowdcast.
  • feuch a bheil àirde na fuaime air an inneal agad air a cur suas agus nach eil an fhuaim air a balbhadh.
  • dùin sìos brabhsairean, tabaichean no aplacaidean sam bith eile a bhiodh a’ ruith air mhodh eile ri linn an tachartais agus iarr air daoine eile san taigh fuireach far Wi-Fi ri linn an tachartais.
  • aon uair ’s gu bheil thu air logadh a-steach ann an tachartas a tha ri dhol beò, mura tòisich an tachartas agad a’ cluich gu goirid an dèidh an ama air ainmeachadh, faodaidh tu cluich a phutadh san taobh chlì aig bonn an sgàilein. Faodaidh a bhith ag ùrachadh an sgàilein cuideachadh cuideachd. Thoir fa-near, ge-tà, gun toir e uaireannan suas ri 40 diog no mar sin mus ruig an sruth beò thu. 
  • Duilgheadasan le èisteachd nuair a thathar a’ frithealadh air tachartas? Tha Crowdcast a’ toirt barrachd comhairle an seo, agus mar a thèid thu a-steach ann an Compatibility Mode ma dh’fheumar.

Caipseanan beò

Gus cothrom fhaighinn air caipseanan beò (dìreach sa Bheurla), tha Crowdcast a’ dèanamh caochladh mholaidhean:

  1. A’ cleachdadh Chrome mar am brabhsair agad agus a’ cur Live Captions air dòigh.

Tha Crowdcast a’ mìneachadh: “Nuair a thathar air an cur air dòigh, bidh Caipseanan a’ nochdadh ann am bogsa beag a ghabhas gluasad aig bonn a’ bhrabhsair agad nuair a bhios tu a’ sealltainn no ag èisteachd ti mìr far a bheil daoine a’ bruidhinn.

Bidh faclan a’ nochdadh an dèidh maille bheag agus nochdaidh caipseanan fiù ’s le èisteachd air a balbhadh no àirde na fuaime agad air a cur sìos. Faodar Caipseanan Beò a chur air dòigh san dreach as ùire de Chrome le bhith a’ dol gu Settings, an uair sin earrann “Advanced”, agus an uair sin “Accessibility.” (Mura faic thu an goireas, feuch ri ùrachadh le làimh agus ris am brabhsair agad a thòiseachadh às ùr). Nuair a thoglaicheas tu orra iad, nì Chrome luchdachadh luath air faidhlichean ag aithneachadh labhairt, agus an uair sin bu chòir gun nochdadh caipseanan an ath thuras a chluicheas am brabhsair agad èisteachd nuair a bhios daoine a’ bruidhinn.

Thor fa-near, tha an suidheachadh seo air ceann an neach-choimhid; chan eil na caipseanan gan taisbeanadh ann am biathadh a’ bhideo gu dìreach. Faodaidh tu barrachd a leughadh air seo, le mìneachadh air bhideo, gu dìreach bho Ghoogle.

Tha na caipseanan ann dìreach airson an neach-choimhid a chuireas air ghleus iad agus chan caipseanan gan taisbeanadh ann am biathadh a’ bhideo gu dìreach.” 

  1. A’ cur seirbheis tar-sgrìobhaidh air dòigh ro làimh leithid Otter.ai no Web Captioner.

Tha Crowdcast ag ràdh: “Ma bhios tu a’ frithealadh air tachartas, feuch ris na seirbheisean seo a chur air dòigh an toiseach. Bidh agad ris an sgàilean agad a dhealachadh eadar uinneag an tachartais agus an tar-sgrìobhadh air neo cleachd dà shealladair. Tha Otter.ai an-asgaidh fad suas ri 60 mionaid de thar-sgrìobhadh, agus tha Web Captioner gu tur an-asgaidh!”

Tha sinn an dòchas gun còrd tachartas Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd 2022 riut. 

 

Contact

Literary Agent
Kirsty McLachlan
kirsty@morgangreencreatives.com
Morgan Green Creatives Ltd


To Book a Poetry Reading
Caroline Hawkridge
hawkridgeagency@gmail.com
The Hawkridge Agency

USA
Anya Backlund
anya@blueflowerarts.com
Blue Flower Arts, LLC


To Book LYR
Alex Zinovieff
alex@alwaysmgmt.com

Other enquiries
poetlaureatecontact@gmail.com

simonarmitage_official