Copyright 2024 Simon Armitage.

Turas a’ Bhàird air na Leabharlannan – Poileasaidh mu Phrìobhaideachd

Dìon dàta – Tha fiosrachadh sam bith a ghabhas cur gu feum gus t’ aithneachadh ga shònrachadh mar dhàta pearsanta. Tha Achd Dìon Dàta Coitchinn (GDPR) agus Achd Dìon Dàta 2018 a’ riaghladh nan dòighean sam faodar an dàta pearsanta agad fhèin a bhith air a làimhseachadh le buidheann sam bith. Tha na laghan seo ann gus a dhearbhadh gun tèid do chuid dàta a rianachd gu sàbhailte agus a chleachdadh gu cùramach. Tha iad a’ dèanamh seo le a) a’ toirt dhut chòraichean sònraichte air an dàta agad, agus b) le bhith a’ sònrachadh uallach a’ chleachdaiche na còraichean seo a mheas agus fiosrachadh sònraichte a thoirt dhut.

Cò sinn agus na nì sinn – Tha Turas a’ Bhàird air na Leabharlannan 2022 ga ruith le Manaidsear Pròiseactan a’ Bhàird agus stiùiriche teicnigeach an Turais às leth Bàrd-molaidh na RA an-dràsta, Sìm Armitage. Tha an Turas na shreath fad seachdain de leughadh bàrdachd a thèid a chumail bho 24 Màrt gu 1 Giblean 2022. Thèid na leughaidhean a shruthadh beò air an làraich bho thaobh a-staigh taghadh de leabharlannan na RA airson luchd-èisteachd (a rèir riaghailtean Covid aig an àm). 

Carson a ghleidheas sinn fiosrachadh agus na tha sinn ga chleachdadh air a shon – Tha sinn a’ làimhseachadh fiosrachadh a rèir GDPR. Cha bhi sinn a’ sgaoileadh no a’ reic do chuid fiosrachaidh gu treas buidhnean sam bith, na leabharlannan a tha an sàs anns an Turas nam measg. Cha chuir sinn fios thugad ach ma tha thu air an seòladh post-dealain agus an còd-postachd san RA (no dùthaich eile) agad a nochdadh nuair a thathar a’ clàradh le deòin air an Lìon airson tachartas air Turas a’ Bhàird air na Leabharlannan 2022 air a shruthadh beò tro Crowdcast. Tha sinn a’ cumail an fhiosrachaidh seo dìreach gus na dh’fhiosraicheas tu mar neach-èisteachd a chur air chomas, a rianachd agus a mheas. Ron tachartas, tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur fios thugad le post-dealain (a-mhàin) tro Crowdfast gus a dhearbhadh gu bheil thu air an tachartas a chur an dara taobh agus an uair sin a’ cur nad chuimhne turas no dhà mus tòisich e. An dèidh an tachartais, bidh sinn ag iarraidh beachdan an luchd-èisteachd air a chruinneachadh a’ cleachdadh Cognito Forms.

Leigidh sgrùdadh fios agus trusadh bheachdan gus giorrachadh gun urra a thoirt seachad leis an Turas agus na leabharlannan ga chumail leasachadh a thoirt air tachartasan san àm ri teachd. Thèid aig an Turas ri aithisg a thoirt dha na buidhnean-maoineachaidh aige, Comhairle Ealain Shasainn nam measg. Sgaoilidh sinn anailis dìreach mun fhios mun chòd-phostachd agad (ga chleachdadh gun urra) dha na leabharlannan agus dhan luchd-mhaoineachaidh againn.  

Tha gleidheadh do chuid fiosrachaidh air na h-adhbharan gam mìneachadh a rèir ‘legitimate business interest’ ann an GDPR. Cha bhi sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo air ar cuid adhbharan pearsanta fhèin no gus fios a chur gu neach sam bith, ach a-mhàin le stiùireadh bhuat. Faicibh cuideachd am Privacy Policy agus na Cognito Forms aig Crowdcast.

Mar a bhios sinn a’ tasgadh do chuid fiosrachaidh – Tha clàradh thachartasan ga dhèanamh tro chlàr-sruthaidh Crowdfast. Tha do chuid fiosrachaidh ga chumail gu tèarainte air Crowdcast air a dhìon le facal-faire. Bidh sinn a’ cumail na h-ìre as lugha de dhàta pearsanta is a ghabhas no gan dèanamh gun urra nuair as iomchaidh. Cha bhi sinn a’ sgaoileadh do chuid fiosrachaidh phearsanta gu treas buidhnean no ga reic.  

Cò aig a bheil cothrom – Gheibh Manaidsear Pròiseactan a’ Bhàird agus stiùiriche teicnigeach an Turais cothrom air do chuid fiosrachaidh, a’ dèanamh feum de dh’fhacal-faire, gus cuideachadh gus dearbhadh gum faigh thu cuimhneachan mun tachartas a chlàraich thu air a shon agus cuireadh na dh’fhiosraich thu de thachartas a sgaoileadh mar chuid den mheasadh air an Turas anns an fharsaingeachd.

Mar as urrainn dhut do chuid fiosrachaidh a rianachd – Faodaidh tu tarraing às aig àm sam bith bho Chrowdcast; rach gu duilleag an Tachartais, dèan briog air roghainnean (air dheis aig a’ bhàrr) agus dì-chlàraich bhon tachartas. Tha a’ chòir agad cuideachd cothrom fhaighinn air an fhiosrachadh phearsanta a bhios sinn a’ cumail mu do dheidhinn agus gun tèid mearachdan sam bith san dàta a cheartachadh. Faodaidh tu cead dhuinn do chuid fiosrachaidh a làimhseachadh a tharraing às, agus an uair sin thèid do chuid fiosrachaidh a dhubhadh às na clàran againn. Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh iarraidh air mar a bhios sinn a’ tasgadh do chuid fiosrachaidh le bhith a’ cur post-dealain gu: laureatelibrarytour@gmail.com

An fhaid a chumas sinn fiosrachadh – Fon lagh mu dhìon dàta cha tèid dàta pearsanta ach an fhaid a bhios a dhìth gus na h-adhbharan a chaidh an cruinneachadh an toiseach no gus an tarraing cuideigin cead às a thoirt gu buil. Aon uair is gum bi an Turas air a lìbhrigeadh agus am measadh air a thoirt gu crìch ann an 2022, thèid am fiosrachadh mu luchd-èisteachd a fhuaireadh a dhubhadh às gu buan bho na clàran againn. Faodaidh tu iarraidh oirnn uair sam bith do chuid fiosrachaidh a dhubhadh às na clàran againn le bhith a’ cur post-dealain gu:  laureatelibrarytour@gmail.com

A’ cumail do chuid fiosrachaidh sàbhailte – Tha smachd iomchaidh air siostaman an gnìomh againn gus fiosrachadh mu chlàradh a dhìon. Ma bhios barrachd fiosrachaidh a dhìth ort, no ma bhios ceistean sam bith agad mun phoileasaidh seo, nach cuir thu post-dealain gu  laureatelibrarytour@gmail.com 

Tha a’ chòir agad cuideachd gearan a dhèanamh gu dìreach gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh (ICO). https://ico.org.uk/global/contact-us/
 
Is e an ceann-latha a tha air a’ Phoileasaidh againn mu Phrìobhaideachd am Faoilleach 2022 agus faodaidh e atharrachadh bho àm gu àm.

Tapadh leat airson do chuid ùidhe agus taice.

Contact

Literary Agent
Kirsty McLachlan
kirsty@morgangreencreatives.com
Morgan Green Creatives Ltd


To Book a Poetry Reading
Caroline Hawkridge
hawkridgeagency@gmail.com
The Hawkridge Agency

USA
Anya Backlund
anya@blueflowerarts.com
Blue Flower Arts, LLC


To Book LYR
Alex Zinovieff
alex@alwaysmgmt.com

Other enquiries
poetlaureatecontact@gmail.com

simonarmitage_official